The Gaelic Song in the Hebrides
An t-Alltan Dubh (A Hunting Song)
Seist:
Tha ligh' an diugh 's an alltan dubh,
'S chan urra' mi 'dhol thairis air;
Tha eagal orm aig meud an t-struth,
Nach fhaigh mi'n diugh a' null air.
Rann:
Tha'n t-alltan dubh cho bagarrach,
'S e'n du\il gun ti\ll e dhachaidh mi
Le 'thururaich, is le 'thartaraich,
Le 'bhagartaich, 's le 'bhu\taich.
Chi\ mi na daimh chroiceach thall
'S an lagan beag 's am b'a\bhaist dhoibh
'S nan tiginn uair mu'n d'tha\inig mi
Cha bhiodh iad sla\n 's a' chunntais.
Sao\il thu "'Mhorach nigh'n Fhionnlaidh"
An gle/idh thu dhomh do ghealltanais!
Ma gheibh sinn thar an t-alltan seo
Nach toll thu fear de'n triuir ud!
Thubhairt "Morach," is i freagairt rium
Na cuireadh e bonn eagail ort
Nach faigh thu'm fear is treise dhiubh
Ma fhreagras do chuid fu\dair.
'Nuair rainig mis' an t-a\ite
Far an do gheall i dhomh 'bhi sa\bhailte
Bha mac nan sonn ri la\r aice
Mu'n d'thug mi mha\in o m' shu\il i.
Tha seachd bliadhn' is tamull ann
Bho\n thug mi a Srathcharrain thu;
'S i N'ic-an-t-saoir a cheannaich thu,
'S cha'n aithreach leam an cu\mhnant.
Back to : - The Gaelic Song in the Hebrides
Back to : - Hebrides Articles
|