The Gaelic Song in the Hebrides
Fa/gail Bharraidh (Leaving Barra)
by "Bronnaidh" MacNe/ill
Nach saoil sibh fhein gur mi bha tinn
'S mo chridhe sgith fo leon
A' toirt mo chu\l ri ti\r nam beann,
Nan gleanntanan 's nan o\b;
Troimh 'n Chaol Arcadh 'gabhail si\os
Sruth li\omadh bras mu' sro\in,
Mi stiuradh cu\rs' do'n aird an iar,
A' triall do Mhontreal
ha mo chridhe bru\ite ann am chom,
Gun shil gu trom mo dheoir
Nuair bha na h-Eileanan an iar
Dol si\os oirnn fo na neoil,
An t-aon sin dhuibh do bheil mo mhiann
'Ga thiodhlacadh 'sa cheo
An t-a\ite 's a\ill' an de\arrs' a' ghrian
'S ann iarrainn bhith ri m'bheo.
Dh'fha\g sinn pa\rantan 'nar de/igh
Gach fear 's te/ fo leon
Gach la\tha 's oidhch' a' guidh air Dia
'Ar di\on bho aobhar-bro\in
'Ar stuiradh sabhailte far sa\il'
Gu ti\r nam ba\igh 's nan o\b,
Gu Eilean Bharraidh ti\r mo ghra\idh
Far 'n d'fhuair mi m'a\rach o\g.
An tus an t-Samhraidh chleachd iad riamh
Bhi faighinn li\on air do\igh
'Gam beartachadh gu dol do 'n iar
A dh'iasgach airson lo\in
An am an fheasgair bhith fa\s ciar
'G an cur le pi\os dh'e 'n t-seol;
'Sa mhaduinn mhoich mu'n e/ireadh grian
'Gan toirt gu dian air bord.
Back to : - The Gaelic Song in the Hebrides
Back to : - Hebrides Articles
|